English
B' fhada bho thòisich daoine a' bruadar mu shlighe tarsainn chaolasan a' chost’ an ear, gu Dùn Èideann a cheangal ri Dùn Deagh agus Obar Dheadhain le rathad iarainn. Airson linntean b' e slighe aiseig a bh' ann agus bha seo aig beul na h-Aibhne Duibhe no Abhainn Fhoirthe aig Quennsferry far an robh an aiseag bu ghiorra.
Ann an 1883 thòisich iad ag obair air aon de na h-obraichean mòra einnseanaireachd ann an linn Bhictòria, le einnseanair Sir Iain Fowler agus Beniàmin Baker agus Uilleam Arrol mar phrìomh chomhairleach.
Tha cuideaman 1000 tonna aig gach ceann den drochaid aig na trì tùir dhealbhach shònraichte air na camagan iarainn - air a bheil Aiseag na Banrigh, ‘Inchgarvie’ agus Fìobha. Tha an drochaid stàilinn còrr air mìle gu leth de fhaid, ag èirigh gu 361 troigh, agus chaidh a togail le buidheann ioma-nàiseanta de chòrr air 5000 duine, agus rinn iad seo ann an seachd bliadhna.
Air a' cheathramh là den Mhàirt 1890 chaidh an tarrag mu dheireadh a bhualadh na h-àite le Prionnsa na Cuimrigh (an-dèidh seo an Rìgh Eideard VII). Bha e mar chleachdadh aig luchd-turais a bhith a' tilgeil sgillinnean a-mach air uinneagan nan trèana airson deagh rath agus canaidh daoine fhathast gun toir obraichean a bheir ùine fhada gan coileanadh cho fada ri bhith ‘a' peantadh Drochaid-rèile Abhainn Fhoirthe’.
Ann an 1990, nuair a bha Drochaid-rèile Abhainn Fhoirthe ceud bliadhna a dh’aois, bha ‘am pàrtaidh cuimhneachaidh co-là breith a bu mhotha ann an Alba’ air a chumail le solais mhòra agus tein’-adhair.
Find us on