Scotlands History

An strì an aghaidh thinneasan

Mu dheireadh na 19mh linne, bha trì chairteal de luchd-còmhnaidh na h-Alba a' fuireach ann am bailtean mòra, no ann am bailtean. Bha fiabhrasan a' sgaoileadh mar a bha na taighean cho cuingeil.

B' fheudar do chomhairlean uisge glan ann am pìoban a thoirt gu na daoine air sgàth mar a sgaoil colara ann an 1840; chaidh sàibhearan a chur air dòigh, agus do mhòran theaghlaichean chuireadh às do thaighean-beaga oillteil a bha air an roinn eadar dachaigh no dhà. Chaidh òcraichean a ghlanadh agus bha aig luchd-còmhnaidh theanamant ri dèanamh cinnteach gu robh trannsaichean agus staidhrichean air an glanadh 's air an cumail geal, ach fhathast bha cairteal de dh’àireamh na cloinne a' bàsachadh mus robh iad còig bliadhna.

Dh’fhosgail an Dotair Elsie Inglis ospadal màthaireil airson bochdaibh Dhùn Èidinn, agus b' iad boireannaich a bha ag obair an seo.

Chaidh làmh-leigheas atharrachadh gu tur le bhith a' cleachdadh an-fhaireachdair (Seumas Young Simpson) agus stuthan airson loit-leigheas (Iòseph Lister). Ach cha robh mòran de na h-ìocshlaintean èifeachdach, agus bha an fhicheadamh linn mus tàinig antibiotaicean.

Leis cho bochd 's a bha am biadh a bh' aig daoine, agus le dìth 'vitimins' bha easbhaidh chnàmh ann (rickets) - ann an cloinn. Mu 1860 bha Bùird Slàinte Poblach le Oifigearan Meidiceach air an cur air chois airson a bhith a' toirt foghlam seachad agus a bhith a' cur air adhart dòighean-beatha na b' fhallainne.

Ann an Glaschu, b' ann bho thinneasan analachaidh a bha an treas earrainn de bhàsan ann an 1870 a' tachairt, gu h-àraidh a' chaitheamh. Thug e bliadhnaichean mus tàinig euslaintich air adhart ann an taighean-eiridinn airson fiabhras, air an sgaradh bhon bhaile mhòr. Bha a' chaitheamh mar adhbhar  air gu robh barrachd rùmannan-analachaidh poblach air an cur air dòigh agus cuideachd rabhaidhean làidir air mar a dh’fhaodadh duine an tinneas a sheachnadh le slàinteachas pearsanta.


  • seann dealbh de Sir Seumas Young Simpson, a' lorg chloroform

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.