English
Le leasachaidhean ann an àiteachas air a' Ghàidhealtachd chaidh tacan mòra do chaoraich a dhèanamh eadar 1760 agus 1850: b' e seo Fuadach nan Gàidheal. Bha goirt ann cuideachd seach nach do shoirbhich am buntàta eadar 1845 agus 1847. Mar thoradh air an seo chaidh mòran luchd-fuirich a chur às an dachaighean agus chaidh am fuadach, gu h-àraidh a dh'Àmeireagaidh. Cheangail mòran iad fhèin ri rèiseamaidean Gàidhealach mar phàirt de dh'arm Bhreatainn agus dh’fhalbh feadhainn eile gu ionadan-gnìomhachais anns a' cheann a deas.
A dh’aindeoin fàs aithghearr nan àitean sin agus nan trioblaidean ro-mhòr a thaobh droch shlàinte agus thaighean mì-fhreagarrach, bha cothroman mòra ann airson obair le aodach, mèinnireachd, einnseanaireachd, a' togail bhàtaichean, slighean airson dòighean-siubhail agus leasachaidhean cathaireach.
Thug An t-Atharrachadh Mòr ann an Gnìomhachas, An Tionnsgnadh Gnìomhachais, no mar a chanas sinn ‘The Industrial Revolution’ obair do mhòran dhaoine bho air feadh Alba (agus Èirinn). Gun iad a' faighinn ach tuarastail ìosal an toiseach agus daonnan le eagal tinneis no cion-obrach, bha luchd-ceàird air tòiseachadh air comhairle cèirde a chruthachadh mu 1880. Chaidh Comhairle Aonadh Luchd-ceàird Albannach a chruthachadh ann an 1887 airson dèiligeadh gu h-àraidh ri gnothaichean-obrach Albannach.
Find us on