Scotlands History

Albannaich agus an Ìompaireachd

Chaidh a ràdh gu bòstail aon uair nach biodh Ìompaireachd Bhreatainn air a bhith ann mur a biodh na rinn luchd-gnìomhachais Albannach, einnseanairean, luchd-rannsachaidh agus saighdearan.

B' e Dara Baile Mòr na h-Ìompaireachd a thugadh air Glaschu. Bha seòmraichean àlainn Baile Ghlaschu, a chaidh fhosgladh leis a' Bhanrigh Bhictòria ann an 1888, mar fhianais air an seo.

Bha Albannaich gam faicinn fhèin gu nàdarra mar luchd-togail ìompaireachd. Bha e coltach gu robh cothroman gun chrìoch ann: bho bhith a' cur einnseanan thrèanaichean agus bhàtaichean a-null thairis air feadh an t-saoghail gu bhith a' tòiseachadh air àiteachadh gnìomhachas an rubair agus na teatha.

Bha rèiseamaidean Gàidhealach a' sabaid le moit ann an còmhragan anns na h-Innseachan, ann an Afraga, agus ann an Afghanistan le seanailearan Albannach os an cionn. Eadar 1885 agus 1939 b' ann à Alba a bha an treas cuid de sheanailearan-riaghlaidh nan tìr-imrich.

Bha mòran dhotairean Albannach aig an robh eòlas-leighis tropaigeach sònraichte, agus rannsaich miseanaraidhean ceàrnaidhean farsaing de dh’Afraca. B' ann à Arcaibh a bha a' mhòr-chuid den luchd-obrach a bh' aig Companaidh Bàgh Hudson ann an Canada. Rugadh Sir Iain MacDhòmhnaill a' chiad Phrìomhaire a bh' aig Canada ann an Glaschu thug e buaidh mhòr air mar a bha Slighe rèile Cuan-Shìtheil Canèidianach air a togail. Rugadh an Riaghladair Lachlann MacGuaire ann an Ulbha ann am Muile agus chruth-atharraich e an tìr-imrich dhìoghaltach air an robh New South Wales, Astràilia.

Chaidh a ràdh nach deach a' ghrian fodha air Ìompaireachd Bhreatainn. Bha còrr air cairteal de chlàr an t-saoghail air a dhath ann am pinc a' sealltainn farsaingeachd na h-Ìompaireachd. Rinn an tombaca, malairt bhian is ghunnaichean, teatha agus tràillealachd Breatainn beartach.


  • Taobh a-staigh City Chambers, Glaschu.
  • dealbh de chuimhneachan Albert, Lunnainn

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.