English
Shuidhich Achd an Fhoghlaim 1872 sgoiltean-bùird do chloinn eadar 5 agus 13 bliadhna a dh’aois. Chaidh iad seo a thogail le còrr air 900 bòrd-sgoile. B' e seo a' chiad siostam nàiseanta de dh’fhoghlam stàit, agus a' riaghladh thairis air bha Bòrd Foghlam na h-Alba, agus dh’fheumadh clann a dhol don sgoil.
Ron seo cha robh na bha iad a' tairgsinn a thaobh na sgoile ach ma làimh, no cha robh e idir ann, no bha e an urra ri Sgoiltean Ragaireachd dha na daoine bochda mar a bh' ann an Obar-Dheadhain ann an 1841 agus sgèama coltach ris ann an Dùn Èideann ann an 1847 (air a stèidheachadh leis an Dotair Guthrie). Bha cuideachd SSPCK (Comann airson Eòlas Crìosdaidh adhartachadh) anns a' Ghàidhealtachd, ged a bha seo a' dol sìos mu 1860. Ann an Glaschu, bha Daibhidh Stow (1793-1864) air a' chiad cholaiste ann am Breatainn airson tidsearan a thrèanadh a chur air chois: b' e seo a' Cholaiste Nàdarra (1837),ro-ruithear Colaiste Trèanaidh Chnoc Iòrdain.
Mu 1883 chaidh aois fàgail na sgoile àrdachadh gu 14. Fhuair oileanaich cothrom a dhol air adhart gu colaiste, oilthigh, no trèanadh eile, le Teisteanas Fàgail a chaidh a thòiseachadh ann an 1887. Bho 1889 cha leigeadh iad a leas pàigheadh tuilleadh agus bha cothrom foghlaim an-asgaidh ann, ach dh’fhàg mòran chloinne an sgoil cho luath 's a b' urrainn dhaibh, airson gu feumadh iad airgead a chosnadh a chuidicheadh le taic don teaghlach aca.
Find us on