English
B' abhaist Dùn Deagh a bhith ainmeil airson, ‘Diut, Silidh agus Naidheachdas.’ Aig àirde, aig deireadh na 19mh linne, bha mu sheasgad muileann diut agus còrr air 50,000 luchd-obrach air am fastadh ann an gnìomhachas diut Dhùn Deagh.
B' e gnìomhachas aodaich aon de na h-obraichean a bu mhotha ann an Dùn Deagh agus cuideachd b' e port mhucan-mara a bh' ann le pailteas ola na muice-mara ri làimh an-còmhnaidh; bha seo air a chleachdadh còmhla ris an diut amh. B' ann ann an Dùn Deagh a chaidh tòiseachadh air a' chiad obair mheacanaiceach airson snàithlean an diut a shnìomh.
Bha diut amh air a thoirt às na h-Innseachan le Companaidh Breatannach nan Innsean an Ear. Dh’fhàs luchd-malairt no barain diut Dhùn Deagh beartach tro bhith an sàs ann an ullachadh an diut agus a' reic stuthan a chaidh a dhèanamh dheth. B' e mòran bhan-Èireannaich a bh' air a thighinn a dh’fhuireach a dh’Alba a bh' ann an luchd-obrach diut ann an Dùn Deagh.
Thòisich barain diut Dhùn Deagh agus Companaidh Breatannach nan Innsean An Ear a' suidheachadh mhuilnean diut anns na h-Innseachan agus cho tràth ri 1900 bha gnìomhachas diut Chalcutta air thoiseach air gnìomhachas diut na h-Alba. Rinn mòran Albannaich eilthireachd dha na h-Innseachan airson factoraidhean diut a stèidheachadh. Chaidh còrr air billean baga-gainmhich air falbh às na h-Innseachan do na Trainnseachan tron Chogadh Mhòr.
Tha Taigh-tasgaidh Obraichean le Lusan ann a’ moladh eachdraidh gnìomhachas diut ann an Dùn Deagh.
Find us on