Scotlands History

Daibhidh Mac Dhùn Lèibhe (1813-1873)

B' e mac ceannaiche à Blantyre a bh' ann an Daibhidh Mac Dhùn Lèibhe agus chaidh e a dh' Afraca ann an 1841 mar mhiseanaraidh agus mar dhotair. Bha e air fear den chiad fheadhainn às an Roinn Eòrpa a rannsaich a' Mhòr-thìr, a' dol tarsainn Fàsach Kalahari a' lorg a-mach Loch Ngami (ann am Botswana an là an-diugh).

Ann an 1852 dh’adhbharaich dìth na slàinte gun do thill a bhean agus a cheathrar phàistean a Bhreatainn. Shiubhail iad air canù, air muin dàimh agus choisich iad còmhla ri searbhantan a bhuineadh do dh’Afraca. Rinn iad an slighe chun an taoibh an iar, an uair sin shiubhail e air-ais bho oirthir gu oirthir - a' clàradh Abhainn Zambezi agus Eas Bhictòria ann an 1855. B' e amas Mhic Dhùn Lèibhe a bhith a' lùghdachadh tràillealachd agus leig e fhèin ma sgaoil gu pearsanta ceud gu leth tràill an-dèidh dha Loch Nyasa a lorg. Ann an 1865 b' ann a' lorg ciad-thòiseachadh an Nile a bha e air an turas dheireannach-sa, ach bha trioblaidean tinneis a' sìor dhol am meud, stuthan leighis air chall agus stuthan air an goid.

Ann an 1871  aig Ujiji air Loch Tanganyika, a' cluinntinn nam briathran ainmeil, An Dotair Mac Dhùn Lèibhe, tha mi ’n dùil bho Henry Morton Stanley bho Herald New York - thug seo air Mac Dhùn Lèibhe a bhith cho diongmhalta is a bha e a-riamh. Lean e air adhart a' rannsachadh gus na chaochail e. Thug searbhantan dìleas an duslach còmhdaichte le spìosraidh leotha airson deich mìosan gus na ràinig iad an oirthir.


  • dealbh de Daibhidh Mac Dhùn Lèibhe, 1813-1873

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.