Scotlands History

Mèinnearachd Gual

Leis cho soirbheachail 's a bha einnsean smùide Sheumais Watt chaidh iarrtas airson a' ghuail suas gu mòr.

Chaidh iomadh achadh-guail Albannach fhosgladh gus am biodh gual ann a theasaicheadh an smùid. Bha daoine a' cleachdadh a' ghuail airson linntean ann an Alba airson taighean a theasachadh, airson sàl a ghoil gus am faigheadh iad salann airson aol a dhèanamh do thuathanaich a bha ag iarraidh na h-achaidhean eòrna a dhèanamh na bu toraich. Anns na làithean ud bha na mèinnean guail air uachdar na talmhainn.

Le mèinnearachd mhòr bha iad a' cladhach na bu doimhne agus na bu doimhne gu far an robh gual fon talamh airson coinneachadh ris an iarrtas a bh' ann air a shon. Bha boireannaich a' giùlain bhasgaidean guail gu uachdar na talmhainn agus bha clann a' slaodadh sleids loma làn guail. Bha searraich a' slaodadh eadhon barrachd, ach bha iad ro chosgail an cumail.

Bha cunnartan ann fad na h-ùine a thaobh a bhith a' slaodadh, a thaobh thuiltean agus a thaobh gum biodh an t-àite fionnar. (Nuair a sguireadh na canèiridhean a sheinn bha na mèinneadairean a' teicheadh).

Mu dheireadh le Achd nam Mèinnear ann an 1842, bha e air a thoirmeasg do bhoireannaich agus do chloinn-nighinn a bhith ag obair fon talamh; chan fhaodadh balach a bhith ag obair gus am biodh e deich bliadhna a dh'aois; agus chaidh fir-sgrùdaidh mhèinnean fhastadh.


 
  • Spaid pràis bhon 19mh linn
  • Mèinnearan ag obair aig mèinn Bilston Glen

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.