Scotlands History

Clann mar thràillean

Leis an Atharrachadh ann an Saoghal a' Ghnìomhachais bha barrachd stuthan air an dèanamh na bu shaoire agus na bu phailte ach bha iad cosgail dhan t-sluagh.

Mar bu tric cha robh roghainn aig cloinn ach a bhith a' leantainn am pàrantan a-steach do fhactoraidhean no do mhèinnean airson obair a lorg.

Ann an 1802 chaidh Achd tron Phàrlamaid airson suidheachaidhean a leasachadh, ach bha Achd eile ann ann an 1819 a bha gu sònraichte airson clann a bha ag obair ann am muilnean a' chotain a chuideachadh. Ach cha robh tè seach tè dhiubh soirbheachail, oir cha deach luchd-sgrùdaidh fhastadh airson na laghan a dhaingneachadh. Ann an 1832 rinn Coimisean Rìoghail àireamh air na bh' ann de dhuilgheadasan: bha e soilleir gu robh clann air an glasadh a-staigh, air am bualadh - gu robh iad ag obair 12 uair san là, agus a' call corragan anns na h-innealan.

Mu dheireadh bho Achd nam Factoraidh ann an 1833 b' e clann a bha còrr air naoi a dh’fhaodadh a bhith ag obair, agus bha tràthan-bìdh aca de uair a thìde gu leth gach là, dà là slàn de làithean saora agus ochd leth-làithean gach bliadhna agus bha foghlam ann dhaibhsan a bha ag obair pàirt-ùine - agus dh’fhaodadh factoraidhean a bhith air an sgrùdadh aig àm sam bith. 


  • Clann ri mèinnearachd
  • Clann mar thràillean

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.