English
Bha mòran bheachdan air am moladh airson slighe-mara a cheangaileadh Caolas Mhoireibh ris a' chost’ an iar, tro lochan a' Ghlinne Mhòir. Aig àm cogaidhean na Frainge agus cogaidhean Napòleoin (1793-1815), dh’ùraich beachd a bhith a' gluasad bhàtaichean aig àm cogaidh airson an Caolas Arcach a sheachnadh, ùidh anns a' chanàl-sa.
B' e am prìomh einnseanair a chaidh fhastadh, Tòmas Telford, a bha air togalaichean ainmeil gun àireamh a dhealbh air feadh Bhreatainn. B' e an Canàl Albannach an obair a bu doirbhe a bh' aige, a' ceangal 60 mìle de lochan (Loch Lòchaidh, Oich agus Loch Nis) à Corpach faisg air a' Ghearastan, ri Clach na h-Àirigh, faisg air Inbhir Nis.
Mu dheireadh b' ann an 1822 a chaidh fhosgladh, le tòrr a bharrachd airgid air a chaitheamh air na bha an dùil agus mòran dhuilgheadasan einnseanaireachd na lùib.
Cha do ràinig an canàl a-riamh àrd-inbhe mar shlighe mara, ach dh’fhàg Telford mar dhìleab ochd laimrigean beaga no ‘locks,’ air an robh Staidhre Neptune, ann am Bainbhidh, a tha fhathast na annas aig luchd-turais airson a bhith a’ coimhead bhàtaichean.
Find us on