English
Aig toiseach na 19mh linne b' e baile mòr ainmeil airson adhartas meidigeach a bh' ann an Dùn Èideann. Bha sgoiltean meidigeach a' cur feum air pailteas chuirp airson a bhith a' sgrùdadh na colainn gu mion.
B' iad cuirp cheannairceach a chaidh a chrochadh a-mhàin a dh'fhaodadh iad a chleachdadh, a rèir an lagh, ach bha mèirlich nan corp - chanadh cuid riutha ‘Resurrectionists’ no ‘Resurrection Men’ - a' creachadh uaighean ach an lorgadh iad cuirp eile.
Air feadh Alba bha na mèirlich-sa a' cladhach an àirde nam marbh agus a' reic nan corp ri sgoiltean mheidigeach. Bha iadsan a bhuineadh don àite agus a bha a' gabhail uallach a' faire anns na cladhan. Ann an 1820, bha tùir air an togail ann an trì cladhan ann an Dùn Èideann a chumail nam marbh tèarainte.
Ann an Dùn Èideann cho-dhùin Burke agus Hare gu robh obair cladhach nan corp ro chruaidh. Thòisich iad air sreath de mhurtan - a' reic nan corp ri fear-sgrùdaidh colainn, An Dotair Raibeart Knox.
B' ann à Ulaidh a bha Uilleam Burke agus Uilleam Hare agus bha iad air a thighinn a dh' Alba a dh’obair nan tràillean ann a bhith a' dèanamh Canàl an Aonaidh. Mhùch iad co-dhiù 16 duine airson coinneachadh ris an iarrtas a bh' ann airson cuirp.
Mu dheireadh chaidh Burke agus Hare a chur an grèim ach is e Burke na aonar a chaidh a chrochadh airson a dhroch-bheart. Bha Hare a bha còmhla ris ann a' mhurt air fianais a thoirt na aghaidh.
Cha deach càil a ràdh ri Ollamh-sgrùdaidh nan colainn, An Dotair Raibeart Knox, airson na cuirp a ghabhail, eadhon ged a b' ann mun deidhinn a bha na h-òraidean aige aig an robh mòran an làthair.
Chaidh corp Burke a ghearradh na phìosan gu poblach. Tha brat-aghaidh no ‘masg’ agus a chnàimhneach rim faicinn ann an Taigh-tasgaidh Sgrùdadh na Colainn ann an Dùn Èideann. Rinneadh sporanan agus cèisean a chumadh cairtean de chraiceann Burke, a bha dorch le dath na grèine.
Find us on