Scotlands History

Baile Mhoireil

Tha oighreachd Bhaile Mhoireil letheach slighe eadar Bealadair agus Bràigh Mharr air a bhith ann bhon 15mh linn.

Thadhail a' Bhanrigh Bhictòria agus am Prionnsa Albert air Baile Mhoireil ann an 1848. Chòrd e riutha agus cheannaich iad e ann an 1853. Chaidh an taigh-còmhnaidh a bh' ann a leagail agus na àite chaidh Caisteal ‘no Gothaic’ Bhaile Mhoireil ann an 1855, fo stiùireadh a' Phrionnsa Albert. Tha tùr àlainn ann, tòrr de thuraidean de chumaidhean eile mar phoitean piobair, agus eadhon turaid mar shuaile a bha a' dol a-mach 's a-steach airson gum biodh seo a' dèanamh pàtrain eadar-dhealaichte.

An-diugh tha ìomhaighean agus taighean air an talamh-sa, anns a bheil 30,000 acair uile gu lèir airson buill shònraichte den Teaghlach Rìoghail a ghleidheadh air chuimhne. Is e Deeside Rìoghail an t-ainm a th' air an fharsaingeachd talmhainn-sa a tha sònraichte airson bòidhchead nàdar, airson gum bi a' Bhanrigh agus a teaghlach fhathast a' tighinn an seo gach bliadhna, aig deireadh an t-samhraidh is iad a' cur meas air an ionad dhìomhair Albannach seo a bhuineas dhaibh.


  • Caisteal Bhaile Mhoireil

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.