English
Rugadh e ann an Dùn Èideann ann an 1847. Chaidh e don Àrd-sgoil Rìoghail, agus an dèidh sin a dh’oilthighean Dhùn Èidinn agus Lunnainn. Bha ùidh mhòr aig teaghlach Bell ann an gnothaichean co-cheangailte ri ‘còmhradh’, agus b' e sin a bha na mheadhan air toiseach fònadh. Bha athair, Alasdair Melville Bell, air còmhradh faicsinneach a chur air chois - siostam airson a bhith a' teagasg leughadh nam bilean do bhalbhain bhodhar. Mar leanabh, dh’fheuch Bell ri còmhradh ionnsachadh do chù beag a bha aca, agus còmhla ri bhràthair rinn e inneal airson còmhradh ath-aithris.
Ann an 1871, rinn Bell eilthireachd a dh’Ameireaga agus bha e na Àrd-ollamh air Guth agus mar a bha an guth a' tighinn gu bith, ann am Boston ann an 1873. Nuair a bha ùine aige, dh’fheuch e ri inneal a dhèanamh a b' urrainn fuaimean a chur bho astar air falbh - airson gun cluinneadh daoine aig nch robh mòran claisneachd iad. B' e seo a threòraich e gu smaoineachadh air fòn‚ ‘inneal airson fuaimean a thoirt bho àite gu àite le cumhachd dealain’, agus thachair seo ann an 1876.
Ann an 1877 chuir e air chois Companaidh Fòn Bell, agus rinn airgead mòr - milleanan nota - air seo.
Phòs Bell Mabel Hubbard, aon de na h-oileanaich a bh' aige anns an sgoil do bhalbhain agus do bhodhair, agus bha ise bodhar bhon là a rugadh i. B' e oileanach ainmeil eile a bh' ann an Eilidh Chellar, a bha gach cuid bodhar agus dall.
Find us on