Scotlands History

Cur às do thràillealachd

B' iad na facail, ‘a bhith a' cur às gu buileach’ a bh' air a' ghluasad airson tràillealachd a chur à bith.

Ann an 1777 ann an cùirt lagh ainmeil Albannach rinn Iòseph Knight, tràill à Afraga a chaidh a reic a Shiameuca ri fear Albannach, Iain Wedderburn, tagradh airson a thuarastal agus nuair a chaidh pàigheadh a dhiùltadh thug e a chasan leis. Rinn britheamh Albannach tagradh airson saorsa Knight a rèir an lagh. Mus tàinig 1779 cha robh bannan tràillealachd sam bith ceadaichte ann an Alba.

Bha buidhnean cràbhach a' dìteadh tràillealachd mar nì nach robh Crìosdaidh, agus bha a h-uile seòrsa iomairt ann - bho a bhith a' clàradh ainmean mhòran a bha na aghaidh gu bhith a' diùltadh an siùcar a cheannach. An dèidh 20 bliadhna de bhith a' cur cuideam air an Riaghaltas, thoirmisg Achd Cur Às Malairt Thràillean 1807 tràillean à Afraca a bhith air an reic air feadh Ìmpireachd Bhreatainn.   

Stèidhicheadh Caidreachas an aghaidh tràillealachd ann an 1823 agus às an seo thàinig Achd cur às do thràillealachd ann an 1833, agus chuir seo às do thràillealachd ann an Ìmpireachd Bhreatainn. Ro 1834 bha tràillean air an saoradh gu laghail.

Bha dithis mhnathan Albannach a' dèanamh strìth an aghaidh tràillealachd. Chaidh Màiri Slessor (1845-1915) a Nigeria mar mhiseanaraidh a dh’atharrachadh mar a bha ceannard nan treubh a' dèiligeadh rim mnathan, rin tràillean agus rin cloinn. Rugadh Frances Wright (1795-1852) ann an Dùn Deagh, agus b' e tè a bh' innte a bha ag ath-leasachadh agus a bha an aghaidh tràillealachd agus bha i a' cuideachadh thràillean a bh' air an cur saor gu bhith suidhicht’ ann an Ameireaga.

Is iad seo na facail mu thràillealachd a tha rin lorg air carragh-cuimhne Dhaibhidh Mhic Dhùn Lèibhe ann an Abaid Westminster: 'Gun tigeadh beannachd shaidhbhir a-nuas air gach neach - biodh iad à Ameireaga, à Sasainn no às an Tuirc - a chuidicheas a bhith a’ leighis an lot fhosgailt’-sa a tha san t-saoghal'.


  • Kiberaface

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.

Photo of a small African boy peeking through a gap in a wooden fence

LTS - Scotland and the Abolition of the Slave Trade

Faigh a-mach mu àite Alba ann am malairt thràillean agus mu mar a chaidh cur às dha.