Scotlands History

Drochaidean agus rathaidean Seanailear Uèd

B' e saighdear agus fear-togail rathaidean a bh' ann an Seòras Uèd (1673-1748) agus b' ann tre shaighdearachd a thàinig e gu bhith a' togail rathaidean. Bho 1724 gu 1740, bha e na phrìomh chomanndair air an arm an taobh a-tuath Bhreatainn, agus anns an ùine sin, thog e 240 mìle rathad cogail a dh’fhosgail suas a' Ghaidhealtachd. Tha mòran dhiubh fhathast air an cleachdadh an-diugh.

B' e Èireannach a bh' ann an Uèd. Mar dhuine òg, bha e san arm ann am Flandrais agus anns an Spàinn.  Nuair thàinig don Ghàidhealtachd an toiseach, ann an 1724, b' e a bheachd gun robh an t-àite, ‘ann an staid mhì-riaghailt agus mhì-rian’ agus nach mòr gun dèanadh a shaighdearan an slighe troimhe.

Thog Uèd gearastain, air an ainmeachadh le deagh ainmean Hanobhairianach; Gearastan Uilleim (An Gearasdan), Cille Chumein agus Gearastan Sheòrais. Rinn e rathaidean ùra tron tìr air fad agus shuidhich e trichead drochaid tarsainn air na h-aibhnichean bu mhotha – nam measg, drochaid chòig-arcach tarsainn air abhainn Thatha aig Obair–Pheallaidh a tha air a cleachdadh gus an latha an-diugh.

Am measg na rathaidean a thog e, bha rathad eadar Dùn Chailleann agus Inbhir Nis (A9 an latha an-diugh) agus eadar An Gearasdan agus Inbhir Nis (A82 an latha an-diugh) cuide ris a’' Choire Ghearraig (eadar Cinn a' Ghiùthsaich agus Cille Chumein – ged nach eil air fhàgail den fhear sin, a-nis, ach frith-rathad air taobh thall na drochaid a thog e tarsainn air abhainn Spè aig Garbh-Àth).

Bha Uèd 72, agus an dèidh a dhreuchd a leigeil dheth, nuair a ghairmeadh air ais e, aig àm ar-a-mach nan Seumasach, ann an 1745, agus b' ann beag, neo-chliùiteach a bha a' chuibhreann san ruaig. Dh’fhailich air bacadh a chuir air feachd nan Seumasach air a shlighe deas gu Derbi, no eadhon - rud a b' iongantaich - air an t-slighe thùrsach air ais tuath a dh’Alba.

Ach chuidich na rathaidean agus na drochaidean aig Seanailear Uèd le ùghdarras an riaghlaidh Hanobharianach a chumail ann an Alba, agus ann an 1773, b' urrainn do Sheumas Boswell agus do Shomhairle MacIain turas a dheanamh tron àite, gun thrioblaid sam bith.


  • Seanailear Uèd
  • Mapa a' sealltainn rathaidean armailteach

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.