English
Cha b' ann gu deireadh na 16mh linne, a lorg Breatannaich an tombaca. Ro dheireadh na 17mh linne, bha an lus puinnseanta ga fhàs ann an gàrraidhean, a bha stèidhichte a dh’aona ghnothaich air feadh nan colonaidhean ann an Ameireaga. B' e saothair thràillean a chruinnich am bàrr.
Ràinig a' chiad chargu de thombaca Bhirginianach port Glaschu ann an 1674. (Bha a' mhòr-chuid de mhalairt thombaca Bhreatainn a' dol tro phort Bhriostail aig an àm). Thachair seo 30 bliadhna ro Achd an Aonaidh 1707, agus mar sin, dh’fhaodar a ràdh nach robh ùghdarras aig luchd-malairt Ghlaschu a bhith a' dèiligeadh ann am bathar sam bith ri colonaidhean Sasannach. Rinn Achd 1707 malairt tarsainn air a' Chuan Shiar laghail agus fosgailte do dh’Albannaich, agus seach gu robh Glaschu na phort air an taobh an iar, bha e air a dheagh shuidheachadh airson feum shònraichte a dhèanamh den mhargadh seo.
Ro na 1770an, bha malairt thombaca Bhreatainn an ìre mhath uile aig Glaschu. Tha ainmean shràidean mar Sràid Iameuca agus Sràid Virginia a' dol air ais chun an ama seo. An toiseach, b' e anart prìomh mhach-bathar Ghlaschu a dh’Ameireaga, ach cha b' fhada gus na leudaich sin gu aodaichean eile (anart-grinn, breacain, stocainnean) agus gnothaichean dèante.
Bha Glaschu cuideachd an sàs ann am malairt an t-siùcair às na h-Innseachan an Iar, agus cha b' fhada gus an do dh'fhàs glanadh siùcair gu bhith na phrìomh ghnìomhachas, ann an Grìanaig agus ann an Glaschu. An dèidh do dh’Ameireaga neo-eisimeileachd fhaighinn, ann an 1776, b' e cotan am prìomh bhathar-malairt.
Bha pàirt chudromach aig malairt Ghlaschu anns na trì nithean sin mar steach-bhathar: chruthaich e eaconamaidh gnìomhachas toinnte, a mhair agus a leudaich tron 19mh linn.
Lorg eachdraidh Thighearnan Thombaca Ghlaschu, mar phàirt de Thaisbeanadh na h-Eachdraidhe Duibhe aig ‘Scottish Archive Networks’. Ionnsaich tuilleadh mun mhalairt thombaca a chuidich Glaschu gu fàs bho bhaile beag gu baile mòr malairt.
Find us on