English
Tha tràilleachd air a mhìneachadh mar a bhith a' ceannach agus a' reic dhaoine mar bhathar. Cha robh còirichean sam bith aig tràillean, oir b' ann le an luchd-seilbh a bha iad. Bha a' mhòr-chuid de mhalairt Bhreatainn ann an tràillean, bho Afraga an Iar gu Ameireaga a Tuath agus na h-Innseachan an Iar.
Bha e goireasach gum biodh na soithichean a bha a' toirt nan tràillean à Afraga an Iar a' tilleadh a Bhreatainn luchdaichte le tombaca, agus bathar Aimearaganach eile. Chaidh stad a chur air malairt thràillean, le Achd Pàrlamaid ann am Breatainn ann an 1807 ach cha do chuireadh bacadh air tràillealachd fhèin ann am Breatann, gu 1838.
Às dèidh ar-a-mach 1745, theich mòran de Sheumasaich na h-Alba às an dùthaich airson a bhith nan ceannardan thràillean, air àiteachaidhean anns na h-Innseachan an Iar. Bha iad air an tarraing cuideachd, gu Ceann a Deas Ameireaga, far an robh stàitean mar Virginia, Carolina agus Georgia a' leasachadh eaconamaidh stèidhichte air àiteachaidhean thràillealachd. Bha an Gall, Raibeart Burns air fear den mhòran eile a bh' air an tàladh mar sin: ann an 1786, cha mhòr nach do rinn an duine a sgrìobh, 'A man's a man for a’ that', eilthireachd gu Iameuca.
Rinn Barain Thombaca agus ceannaichean Ghlaschu prothaid à malairt thràillean, mar a rinn ceannaichean Lunnainn, Liverpool agus Bhristoil.
B' e mac fear-seilbh thràillean à Alba agus a bhana-mhaighstir Rosanna, bana-thràill ann an Iamaica, a bh' ann an Raibeart Wedderburn (1762-1835).
B' esan a' chiad fhear a thòisich an t-strì airson còirichean nan daoine dubha, ann am Breatann. B' e tràill cuideachd a bh' ann an Iòseph Knight. Rugadh esan ann an Afraga, ach chaidh a reic ri Albannach. Ann an 1769, thug a mhaighstir a Bhreatainn e, ach theich e bhuaidhe. Chuir a mhaighistir an làmhan an lagha e an uair sin, ach shaor an siorraidh ann am Peairt e, ag ràdh, 'Chan eil na laghan a thaobh thràillean a tha a' seasamh ann an Iameuca, idir a' ruighinn air an rìoghachd seo'. B' e seo cuideachd, co-dhùnadh Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann.

Faigh a-mach mu àite Alba ann am malairt thràillean agus mu mar a chaidh cur às dha.
Lean slighean fiùghantach tro Afraga, tron Charibbean ’s tro Bhreatainn le teacsa, ìomhaighean is clàistinn airson rannsachadh mar a chuireadh às do thràillealachd Bhreatainn, le cead bhon BhBC.
Lorg na cruinneachaidhean ann an Tasglannan is Trusaidhean Sònraichte Baile Ghlaschu mu eachdraidh dhubh 's mu thràillealachd. Rannsaich an taisbeanadh farsaing air-loidhne mar phàirt de Mhìos na h-Eachdraidhe Duibhe.
Rannsaich na lèirmheasan eachdraidheil seo mu àite Alba ann am malairt thràillean 's mar a chaidh cur às dha. Leugh caibideilean mionaideach mu gach nì bho shlighean malairt gu dìleaban maireannach.
Find us on