Scotlands History

An Soillseachadh Albannach

B' e pàirt de Linn an Reusanachaidh a ghabh a-steach an Roinn Eòrpa air fad, a bh' anns an t-Soillseachadh Albannach. B' e gluasad inntleachail a bha ann, a ghabh a-steach feallsanachd, ceimiceachd, geòlas, ailtireachd, bàrdachd, innleadaireachd, teicneòlas, eaconamachd, eòlas comainn, leigheas agus eachdraidh.

Tha an 18mh linn tric air a h-ainmeachadh mar ‘Linn Òrach na h-Alba’.

Am measg ainmean a tha cudthromach ann an Soillseachadh Albannach, tha Daibhidh Hume, Seumas Hutton, Raibeart Adams, Iòseph Mac Ille Dhuibh, Seumas Uat, Alison Rutherford, Adhamh Mac a’ Ghobhainn, Frangan Hutcheson, Adhamh Fearghasdan agus Tòmas Reid.

Ann an Dùn Èideann, Glaschu agus Obar Dheathain, bha daoine innleachdach a' rannsachadh airson saoghal nàdair agus inntinn dhaoine a thuigsinn. 

An-diugh, tha iomadh eachdraiche a' creidsinn gum b' e beachdan agus adhartasan a thàinig am follais aig àm an t-Soillseachaidh a chuidich le cumadh a thoirt air saoghal ar latha fhìn.


  • Seann bhaile Dhùn Èidinn

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player

Èist ri fonn ‘The Flowers of the Forest’ air a chluiche le Rob MacPhilip.