Scotlands History

Raibeart Burns

'S e Raibeart Burns, ‘an treabhaiche a bh' air a theagasg o nèamh’, am bàrd Albannach as cliùitiche gu nàiseanta gun teagamh sam bith. Dh’fhaodadh gun d' rugadh e ann am bochdainn dhùthchail, mac tuathanach-gabhaltais, ach bha e gu cinnteach na fhìor thoradh air an t-Soillseachadh Albannach - tùrail, pongail, a rinn mòran leughaidh agus duine foghlamaichte.

Nuair a dh’fhoillsich e ‘Poems Chiefly in the Scottish Dialect’ (1786) an clò-bhualadh Chille Mharnaig, fhuair an leabhar deagh ghabhail ris. Chaidh a h-uile 612 lethbhreac a reic ann am beagan sheachdainean. Mhisnich seo am bàrd gus obair a thoirt a Dhùn Èideann, far an robh e a' coinneachadh ri ceannardan co-chomann an litreachais. Dh’fhoillsich e cuideachd, clò-bhualadh ùr de obair, a choisinn dha an t-airgead air an robh e a' cur feum airson cuairtean a ghabhail mu na Crìochan agus tron Ghàidhealachd. Aig a' cheart àm, bha obair ga moladh leis an luchd-sgrùdaidh agus thàinig e gu bhith na dhuine iomraiteach ann an ùine glè ghoirid.

Tha bàrdachd Burns sgrìobhte bhon chridhe, biodh i ann an Albais no ann am Beurla agus tha i a' ruighinn air a h-uile duine, an duine cumanta cho math ri luchd-litreachais. Gu dearbha, a dh’aindeoin mar a tha e a' cleachdadh Albais, tha i a' tarraing dhaoine air feadh an t-saoghail: tha bàrdachd Burns air a h-eadar-theangachadh nas trice agus nas fharsainge na obair sgrìobhadair Albannach sam bith eile.

Dh’fhaodadh gur e na h-òrain gaoil na rannan as ainmeile a sgrìobh e: òrain mar ‘Ae fond kiss’, agus ‘O my luve is like a red, red rose, ’ach sgrìobh e cuideachd, bàrdachd phoblach nas sòlaimte, a' cur an cèill cheangalaichean dheamocratach, fharsaing, bhràthaireil: òrain mar ‘Auld Lang Syne’, agus ‘Is there for honest poverty?’

Feumar cuimhneachadh gun deach iad seo a sgrìobhadh aig àm Ar-a-mach na Frainge, nì a thug brìgh na bu gheòire do bheachdan sòisealta a' bhaird.


  • Raibeart Burns

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.