English
Dh’fhoillsicheadh Laoidh an Rìoghachd, ‘Gun gleidheadh Dia an Rìgh’, ann an 1745, ri fonn le Tòmas Arne. Bha fèill air ann an taighean-cluiche Lunnainn mar thoradh air ar-a-mach nan Seumasach sa bhliadhna sin. Thathas ag ràdh gun deach a sheinn an toiseach gus taic a thoirt do Righ Seòras II, goirid an deidh do fheachd Sheumasach Theàrlaich Eideard Stiùbhairt buannachadh aig Blàr Sliabh a’Chlamhain. ‘Gun Gleidheadh Dia ar Tighearna an Rìgh’: oran ùr, airson dà ghuth, air fhoillseachadh ann an ‘Iris nan Duin’ Uasal’.
Fhuair Seanailear Uèd urram, le bhith air ainmeachadh san dara rann, a thathas a-nis a' faicinn mar dhìmeas air Alba agus nach eilear a' seinn an-diugh.
Is iad seo na facail a tha nan adhbhar air a’ mhì-rùn:
Lord, grant that Marshal Wade
May by thy mighty aid
Victory bring.
May he sedition hush and like a torrent rush,
Rebellious Scots to crush.
God save the King.
Tha rann eile a' guidhe gun cuireadh Uèd, ‘an gnothaichean poilitigeach ma sgaoil agus gum biodh an cuilbheartan a mhilleadh’. Chaidh an rann seo ath-sgrìobhadh gus an gabhadh e a-steach uile naimhdean Bhreatainn.
Find us on