Scotlands History

Oisean

Is e bàrd agus laoch fionnsgeulach Ceilteach a bh' ann an Oisean, mac Fhinn, a bha beo, a rèir beul-aithris, san 3mh linn. Chaidh bàrdachd a bhathas ag ràdh a sgrìobh Oisean fhoillseachadh ann an 1760 ann am ‘Fragments of Ancient Poetry Collected in the Highlands of Scotland’ – ‘eadar-theangaichte’ le Seumas Mac a' Phearsain, (1736-96) à Ceann a' Ghiùthsaich.

Bidh buaidh aig Oisean no tuitidh e. Ach an èirich cliù na dh’ìslicheadh? Gabhaidh iad seachad mar sgàile. Ach meudaichidh cliù Oisein!

Bàrdachd Oisein; eadar-theangaichte le Seumas Mac a’ Phearsain, Uas. 1773.

Am measg leabhraichean eile le Mac a' Phearsain, bha ‘Fionn: Seann Bhàrdachd Eipiceach’ (1763) agus ann an dà phàirt, ‘Sgrìobhaidhean Oisein’ (1765).

Reic iad uile gu soirbheachail air feadh Bhreatainn agus na Roinn Eòrpa, airson an ruithim agus an spioraid romansaich a bha annta. Bha buaidh chudromach aca air Goethe agus air a' Ghluasad Romansach.

Bha lethbhreac dhiubh aig an Ìompaire Napoleon air na h-iomairtan cogail a rinn e. Thuirt e, ‘Is toigh leam Oisean dìreach mar is toigh leam cagar na gaoithe agus tonnan na mara.’

Chaidh leabhraichean Mhic a' Phearsain eadar-theangachadh gu faisg air a h-uile cànan Eòrpach. Ach bha an Dotair MacIain, agus feadhainn eile, teagmhach mun tàbhachd; bha iad airson nan sgrìobhaidhean tùsail fhaicinn.

Tha e gu math coltach gur e fìrinn na cùise, gum b' e Mac a’ Phearsain fhèin a sgrìobh tòrr den obair, ga stèidheachadh air seann bhaileadan Gàidhlig. Mar sin tha an obair aige na roi-ruithear air luchd-cruinneachaidh seann bhàrdachd eile, a leithid Raibeart Burns agus Sir Ualtar Scott.


 
  • Oisean aig bruach an Lora
  • Traum Oisean le Jean Auguste Dominique Ingres

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.