Scotlands History

Seargadh gnìomhachas na ceilp

Rè na h-18mh agus na 19mh linne, bha feamainn air a tional airson a cleachdadh mar thodhar air croitean agus air feannagan. Bha i cuideachd air a cleachdadh gu mòr ann an pròiseasan ceimiceach mar obair an t-siabainn agus na glainne.

Airson seo, dh’fheumaist a tiormachadh agus a losgadh gu faiceallach ann an slochd-ceilp ann an clais, no ann an àth. Bhiodh a' cheilp a' tionndadh gu stuth ùilleach, gorm a bha air a chur air falbh gu factaraidhean sa Ghalltachd.

B' e beòshlaint chudromach a bha sa cheilp, gu sonraichte an Innse Gall. Ach an deidh 1822, chaidh a' chìs a bha air ceilp shaor a bha a' tighinn a-steach don rìoghachd a thogail, agus thuit a mhòr-chuid de ghnìomhachas na ceilp ann an Alba às a chèile.

Dh’adhbhraich seo cruaidh-chàs ann an àitean mar Leòdhas, Beinn a' Bhaghla agus Uibhist a Deas, àitean a bha cheana a' fulang gu h-uabhasach ri linn nam fuadaichean.


  • dealbh de dithis a' losgadh ceilp

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.