English
B' iad na Seumasaich luchd-taice Rìgh Seumas VII (na h-Alba) agus II (Sasainn), agus oighrean.
Bha Seumas VII agus II a’ riaghladh ann am Breatann, bho 1685 gu 1689, ach seach gur e Caitligeach a bh' ann, chaidh a chrùn a thoirt bhuaidhe agus a toirt dha nighinn, Màiri agus a cèile am Prionnsa Duitseach, Uilleam à Orainds. Bha an Rìgh Seumas a-nis na fhògarrach agus fhuair an fheadhainn sin, a bha fhathast a’ toirt taice dha, an t-ainm, ‘Na Seumasaich’.
B' iad na Cuigsich (‘Whigs’) luchd-taice Uilleim: Breatannaich a bha taiceil don adhbhar Phròstanach agus nach gabhadh ri rìoghachd Chaitligeach air chor sam bith.
Dh’èirich iadsan an aghaidh nan Seumasach, ann an 1689. Rinn na Seumasaich barrachd air aon ar-a-mach. B' iad na prìomh trì: ar-a-mach1689, fo stiùireadh ‘Dùn Deagh Bòidheach’ no Iain Greumach Claverhouse. Chuireadh sìos an ar-a-mach seo gu luath; ar-a-mach Mhàir, no am ‘fifteen’ (1715-1716 ) a thòisich nuair a chaochail a' bhanrigh Anna, am monarc Stiùbhartach mu dheireadh, ann an 1714 agus a chrùnadh a' chiad Rìgh Deòrsa; agus am ‘forty-five’ (1745-1746 ) nuair a dh’èirich feachd Albannach, fo stiùireadh Theàrlaich Eideard Stiùbhairt - no ‘Bonnie Prince Charlie’ an aghaidh rìgh-shliochd Hanòbhair.
Tha BBC Alba air làrach-lìn a chur ri chèile air Na Seumasaich. Brosnaich na fineachan agus faic an cuir thusa rìgh Stiùbhartach dhan a’ rìgh-chathair!
Faigh a-mach tuilleadh mun Ar-a-mach Ghlòrmhor, èirigh is crìoch nan Seumasach san artaigeal seo bhon BhBC.
Cuir do sgilean co-dhùnaidh gun dùbhlan ann an riochd a' Phrionnsa Teàrlaich a' feuchainn ris a' chrùn fhaighinn air ais aig an làrach eadar-oibre seo. Am bi thusa nas soirbheachaile na bha Teàrlach?
Air 23 Iuchar 1745 thàinig Teàrlach Eideard Stiùbhart air tìr air Eilean Albannach Eirisgeigh, air turas airson crùn Bhreatainn fhaighinn air ais do na Stiùbhartaich. A dh’ainderoin ain-deònachd an toiseach, thug teaghlaichean Gàidhealach, a bha air taobh tagradh nan Stiùbhartach airson a' chrùin, taic don Phrionnsa mean air mhean, agus chaidh arm Seumasach a stèidheachadh. Rinn an t-arm màrsail tro Alba a Shasainn, a' ruighinn cho fada ri Derbi air 6 Dùbhlachd. Air an t-slighe cheannsaich iad Dùn Èideann, a' gabhail seilbh air a' bhaile bho 16 Sultain gu 1 Samhain 1745.
Lean lorgan ar-a-mach 1745 san turas Sheumasach seo air feadh na Roinn Eòrpa.
Ionnsaich mun bhlàr mòr mu dheireadh air fearann Bhreatainn le na stòrasan farsaing seo agus pasgain thidsearan bhon Urras Nàiseanta.
Find us on