English
Thàinig Fionnaghal NicDhòmhnaill gu bhith na bana-laoch Sheumasach seach gum b' e a cuideachadh a chùm am Prionnsa Teàrlach bho bhith air a ghlacadh. Fhuair i a h-àrach an dachaigh triath Chlann Raghnaill, a bha a' cur taic ri na Seumasaich.
Ann an 1746, an dèidh ruaig Chuil-lodair, ràinig am fògarrach Teàrlach Eideard Stiùbhart Beinn a' Bhaghla. Bha feachd an rìgh ga shealg. Bha Fionnaghal 24 bliadhna nuair a dh'iarr an Seumasach, Caiptean O'Nèill, oirre Teàrlach a chuideachadh gus teiche.
An dèidh beagan imcheist dh’aontaich Fionnaghal am Prionnsa a chuideachadh. Chaidh aice air cead-siubhail fhaighinn bho na h-Eileanan Siar gu Tir-mòr, bho Ùistean MacDhòmhnaill (a h-oide, agus ceannard a' mhilisi ionadail). Bha cead aice airson dithis sheirbhiseach a thoirt leatha, agus criutha-bàta de shianar.
Bha Teàrlach Eideard Stiùbhart an riochd bean-shnìomh Èireannach, Beitidh Burke. Sheòl iad à Beinn a' Bhaghla dhan Eilean Sgìtheanach, ann am bàta beag, air 27 Ògmhios 1746.
Chuirear Fionnghal MacDhòmhnaill an grèim agus chaidh a cur don phrìosan ann an Tùr Lunnainn. Sheòl am Prionnsa Teàrlach dhan Fhraing. Fhuair Fionnghal a saorsa ann an 1747 agus phòs i trì bliadhna an dèidh sin. Rinn i fhèin agus an duine eilthireachd gu Carolina a Tuath far na thog i teaghlach. Ann an 1779, thill i a dh’Alba air long-bathar. Thurchair gun d' rinn creachadairean-mara ionnsaigh air an luing, agus chaidh a leòna nuair a dhiùlt i fasgadh a ghabhail fon deic.
Chaochail Fionnaghal NicDhòmhnaill ann an 1790 agus chaidh a tìodhlacadh san Eilean Sgìtheanach. Bha fionnsgeoil ròlaisteach Sheumasach ann mu Fhionnghal òg agus mun Phrionnsa Teàrlach eireachdail agus ann an 1884 chaidh ‘The Skye Boat Song’ fhoillseachadh, ag innse mu mar a thàrr am Prionnsa às.
Tha dealbh an seo dheth Fionnghal NicDhòmhnaill agus faigh a-mach beagan mu deidhinn cuideachd. Ma chuireas sibh 'Fionnghal NicDhòmhnaill' anns a bhocsa rannsachaidh, gheibh sibh tuilleadh dhealbhan agus dhuilleagan ceangailte ris a chuspair.
B' ann à Uibhist a Deas a bha Fionnghal NicDhòmhnaill. Faigh a-mach tuilleadh mu deidhinn air làrach-lìn 'Gaelic resource database'.
Tha Fionnghal NicDhòmhnaill glè ainmeil ann an eachdraidh na h-Alba agus an seo gheibh sibh beagan fiiosrachadh air na rudan ainmeil a rinn i na beatha, a reir beul-aithris.
Find us on