Scotlands History

Eilthireachd agus fògradh

Dh’fhàs eilthireachd gu bhith na ghluasad sluaigh a bha anabarrach, anns an 18mh linn. Bha seo, gu ìre, ceangailte ri na Fuadaichean. Thaom sluagh air falbh, mar theaghlaichean, mar bhailtean agus mar choimhearsnachdan cinnidh; a' mhòr-chuid dhiubh, a dh' Ameireaga a Tuath. Chuir co-chomainn eilthireachd air dòigh siubhal thar chuantan, le soithichean eilthireachd a' tighinn a dh’aona ghnothaich a-steach a phuirt agus a dh’acarsaidean na Gàidhealtachd. 

Ann an iomadh dòigh, bha seo ga dhèanamh na b' fhasa eilthireachd a dhèanamh à Arcaibh gu Manitòba na a dhol bhon Ghàidhealtachd a Ghlaschu no a Dhùn Èideann - cuideachd, anns na bailtean mòra sin cha robh e furasta coimhearsnachdan slàna Gàidhlig a shuidheachadh.

B' e a bh' ann am fògradh rud eile; le fògradh, bha daoine a bhathas a' faicinn mar luchd-buairidh no mar cheannaircich air an cur a-null thairis, an aghaidh an toile. Chaidh a' mhòr-chuid dhiubh sin, a chur a dh’Astràilia, an dèidh do dh'Ameireaga neo-eisimeileachd fhaighinn. Ron àm sin, bha mòran phrìosanaich phoilitigeach Sheumasach, air an cur a dh'Ameireaga no chun nan Innseachan an Iar.


 
  • am bata 'Cockburn' aig doca Leith

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.

A black and white photograph of an american flag hanging above a crowd of people

Emigration to America

Ionnsaich tuilleadh mu Albannaich a’ dèanamh eilthireachd a dh’Ameireaga agus mu mar a thàinig iad beò.

A photograph of a ticket with emigrants in large red letter

Eilthireachd gu Alba Nuadh agus Canada

Ionnsaich mun bhuaidh a bha aig Albannaich air cultar ann an Canada às dèidh eilthireachd gu aimsir fhuar Ameireaga a Tuath is Alba Nuadh.

A black and white photograph of a crowd of children gathered on a sunny beach

Eilthireachd gu Alba Nuadh agus Canada

Lean mòr-thuras nan Albannach a’ sireadh beatha air taobh thall an t-saoghail sna h-‘ Antipodes’.