English
Their cuid gur e Baile Ùr Dhùn Èidinn Soillseachadh na h-Alba ann an cloich. B' e ‘Aithne a’ Chinn-a-tuath’ a bha gu bhith an seo, baile mòr a' mealtainn a ‘Linn Òrail’, dealbh-cùil freagarrach airson Soillseachadh na h-Alba. Thòisich beachdachadh air baile ùr ann am meadhan na 18mh linne. Neartaicheadh am beachd sin mar a bha an seann bhaile meadhan-aoiseil a' fàs na bu chumhainge agus na bu ghràinnde, le clobhsan agus sràidean gànraichte agus mì-thaitneach.
Chuireadh co-fharpais air dòigh airson am baile ùr a dhealbhachadh agus b' e ailtire òg air an robh Seumas Craig a bhuannaich.
Air 26 Dàmhair chuireadh sìos clach-stèidh a' chiad taighe ann am baile ùr Dhùn Èidinn, leis an ailtire, Seumas Craig, an duine a fhuair duais airson a' phlana a b' fheàrr airson am baile ùr a dheilbh.
Iris an Albannaich, Dàmhair 1767.
Togte gu ìre mhòir air làrach uaine, tuath air an t-Seann Bhaile, b' e plana-griod a bh' anns a' Chiad Bhaile Ùr. Bha e air leth mòr na latha, agus le caisteal Dhùn Èidinn ag èirigh suas os a chionn, bha an sealladh mìorbhaileach. Bha Sràid Sheòrais air a sònrachadh mar a phrìomh shràid a' ruith eadar an ear 's an iar. Bha togalaichean greadhnach air a feadh, nam measg Colaiste Rìoghail nan Lighichean (1775), Eaglais Naoimh Anndrais (1785) agus na Seòmraichean Cruinneachaidh (1787).
Bha ceàrnag ghrinn aig gach ceann; Ceàrnag Naoimh Anndrais agus Ceàrnag Theàrlaig. Co-shìnnte ri Sraid Sheòrais, a' ruith bho thuath gu deas, bha Sràid a' Phrionnsa agus Sràid na Banrigh. Bha gàrraidhean Sràid na Banrigh air a' cheann a tuath agus air a' cheann a deas, bha gàrraidhean Sràid a' Phrionnsa.
Anns an 19mh linn, bha grunn leudachaidhean dèante: bha an Dara Baile Ùr, air taobh tuath a' chiad fhir, a' ruith sìos gu uisgeachan Lìte. Agus le leasachaidhean chun an ear is chun an iair, bha am plana eireachdail deiseil.
Tha an obair chrìochnaichte eu-coltach ri baile sam bith eile ann am Breatainn, ged a tha samhlan ann, an siud 's an seo, ann an Lunnainn agus ann am Bath. Is e fhathast, am baile mòr Deòrsach as motha air an t-saoghal.
Lorg 'Historic Pictures of Edinburgh Cassell's Old and New Edinburgh', iris a chaidh a chlò-bhualadh sna 1880an. Faic mar tha e ag innse mun eachdraidh, na daoine is na h-àitean le bhith a' cleachdadh teacsa eachdraidheil naidheachdan le dealbhan gun chrìoch.
Theirig air Slighe ‘House History’ agus lorg na sgeulachdan a tha falaichte air cùl aghaidh togalaichean eachdraidheil Dhùn Èidinn. Thoir ruith air tachartasan ri teachd, tasglannan agus film de àm a dh’fhalbh de bhun-sgòth a' bhaile le làrach-lìn ‘Edinburgh World Heritage’.
Rannsaich dealbhan de Dhùn Èideann le banca-stòrais Banca Rìoghail na h-Alba. Tha na h-ìomhaighean an cois dhuilleagan-obrach do sgoilearan agus notaichean Thidsearan. Tha na còirichean air an cur gu taobh, agus mar sin faodar an stuth a chleachdadh gu saor sa chlas.
Rannsaich clàr na làraich airson Baile Ùr Dhùn Èidinn còmhla ri ‘Royal Commission on the Ancient and Historical Monuments of Scotland’. Lorg ìomhaighean didseatach, notaichean ailtireachd agus dealbhan.
Find us on