Scotlands History

Blàr Chuil Lodair

Air 16 Giblean 1746, air Mòinteach Dhruim Athaisidh, os cionn Inbhir Nis, chuir arm Hanobharianach air a dheagh uidheamachadh fo Dhiùc Cumberland (mac Rìgh Seòras II) às do arm a' Mhorair Iain Mhoirich agus a' cheannaird anns nach robh earbsa aige, Am Prionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart.

B' e seo am blàr a b’fhuiltiche de uile bhlàir nan Seumasach. B' e cuideachd am blàr mu dheireadh a chuireadh air talamh Bhreatainn.

Thagh Teàrlach Eideard Stiùbhairt an talamh garbh, bog seo, agus b' e taghadh eagalach a bh' ann cuideachd. Cha robh cothrom sabaid aig na Seumasaich le an claidheamhan is am biodagan, an aghaidh ghunnachan agus chanain feachd Hanòbhair. Chaill còrr is mìle Seumasach am beatha agus mu 300 de fheachd Hanòbhair. Cha do mhair an cath ach mu uair a thìde ach lean a thoradh fuilteach fad sheachdainean.

B' e aon de na h-uirsgeulan cumanta a dh’èirich mun tachartas, gur e cath a bh' ann eadar Alba agus Sasainn. Ach b' e fìrinn na cùise, gun robh tòrr a bharrachd Albannaich a' sabaid an aghaidh a' Phrionnsa na bha leis.

Dh’fhosgail Urras Nàiseanta na h-Alba ionad turasachd ùr, nodha aig Chuil Lodair, anns an Dùbhlachd 2007. Am measg na th' ann, tha taigh-cluiche far an urrainn do luchd-amhairc compàirteachadh, le caractaran a' gluasad, còmhla ri nithean a fhuaras air an raon-chatha agus a tha a' dol air ais chun a' bhlàir. Tha inneal-làimhe didseatach ann cuideachd, tron urrainnear èisteachd ri fiosrachadh mun bhlàr.


  • Dealbh de ath-choilionadh Chuil-lodair
  • Feachdan an riaghaltais aig ath-choilionadh Chuil-lodar
  • Blàr Chuil-lodair

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.