English
Aig deireadh na h-18mh linne agus rè pàirt mhath den 19mh linn, ghluais oighreachdan na Gàidhealtachd bho àiteach agus tuathanachas measgaichte, a bha comasach air mòran luchd-gabhaltais a chumail suas, gu tuathanachas chaorach a bha na bu phrothaidiche. Bha an luchd-gabhaltais nach robh ‘gu feum’, air an sguabadh bho na h-oighreachdan bho mu 1780; agus bha na Fuadaichean fhathast a' dol air adhart, faisg air 70 bliadhna an dèidh sin aig àm goirt a' bhuntata, ann an 1846.
Cha robh na fuadaichean uile brùideil, ach bha cuid dhiubh. Agus cha mhotha a thachair iad air a' Ghàidhealtachd a-mhàin. Ach b' e na thachair do mhuinntir na Gàidhealtachd a bu shearbha. Rinn Fuadach nan Gàidheal sgrios uabhasach air cultar na Gàidhlig agus air comann nan cinnidhean, a' ruagadh dhaoine bhon fhearann a bha na dhachaigh aig an sinnsearachd fad linntinn.
Bha bailtean ùra air an deilbh gu luath, agus ghabh iad sin pàirt den t-sluagh a bh' air am fuadach: àitean mar Baile Bhainidh, Fothabar, Baile Ùr nan Granndach, Hudaman, Inbhir Aora, Ceann a' Ghiùthsaich, Caol Acainn, Am Ploc, Tom an t-Sabhail agus Ulapul. Ach b' fheudar don mhòr-chuid de na Gàidheil falbh nan eilthirich do na bailtean mòra, no gu tìrean cèine.
Thachair a' chiad eilthireachd mhòr ann an 1792; bliadhna a fhuair an t-ainm, ‘Bliadhna nan Caorach’. Dh’fhalbh a' mhòr-chuid de luchd-cinnidh a dh’fhuadaicheadh gu na Carolinas no a Chanada aig an àm sin. Chuir Albannaich cùl ri am fearann dùthchasach gus am beatha a chur seachad ann an Ameireagaidh, an Canada, an Sealan Nuadh agus an Astràilia.
Dealbh agus fiosrachadh dheth Na Fuadaichean air an làrach-lìn aig Am Baile. Ma chuireas sibh 'Na Fuadaichean' anns a bhocsa rannsachaidh, gheibh sibh tuilleadh dhealbhan agus dhuilleagan ceangailte ris a chuspair.
Fiosrachadh ann a Gàidhlig mu Na Fuadaichean air an làrach-lìn aig 'Gaelic Resource Database'.
Dealbh agus fiosrachadh mu Na Fuadaichean air an làrach-lìn Fuadaich na Gàidheal.
An e dìreach pàirt de atharrachadh Àiteachais is Obrach a bha sna fuadaichean no an e seòrsa de 'ghlanadh cinnidheach' a bh' annta? Sgrùd an deasbad le artaigeal fiosrachail Ross Noble, agus dèan suas d' inntinn fhèin mu dè dìreach a thachair.
Theirig còmhla ri Calum air turas eadar-oibre gu Alba san àm a dh’fhalbh agus faigh a-mach dè thachair don chinneadh aige rè nam Fuadaichean. Stòras fiosrachail le fìor eadar-oibre bho ‘BBC Scotland Education’ ceangailte ri stiùireadh 5-14.
Rannsaich ceangalan ri caochladh artaigealan is stòrasan bho ‘Electric Scotland's Aois Community’. Leugh cunntasan sònraichte, cuimhneachain is sgeulachdan bhon àm agus na dhèidh, is Alba fhathast a' ceasnachadh nan adhbhar airson nam Fuadaichean.
Find us on