Scotlands History

Achd a’ Bhacaidh

Thàinig Achd 1747 a-steach mar thoradh air ar-a-mach 1745, an t-ar-a-mach Seumasach mu dheireadh. Bha an riaghaltas Hanobharianach, san dòigh seo, a' feuchainn ri dòigh-beatha, stèidhichte air cinnidhean, air feadh na Gaidhealtachd, a sgrios. Bha i ag amas air Albannaich a rinn:

…o chionn ghoirid ar-a-mach ladarna agus oillteil an aghaidh a Mhòrachd, a’ toirt taic do thagraiche pàpanach… ann an dòigh a bha brathach agus naimhdeil.

Bha Achd a’ Bhacaidh a' toirmeasg a bhith a' caitheamh an èididh Ghàidhealaich agus a' bhreacain, air feadh an àite, ach a-mhàin san arm. Bha bacadh air a' phìob-mhòir cuideachd, mar ‘inneal cogaidh’.

Bha ùghdarras aig oifigich an riaghaltais dachaighean a rannsachadh mar a thogradh iad, ma bha amharas ann gun robh claidheamhan, no ball-airm air bith eile gan cumail annta. Bha an Achd ag radh:

…cha bu chòir dha a bhith laghail do dhuine, no do dhaoine sam bith.gum biodh seilbh aca air…claidheamh leathann no sgìath, lann no biodag, daga no gunna no armachd cogaidh eile.

Cha robh na bacaidhean sin air an togail gu 1782,  agus b' ann gu sònraichte mar thoradh air oidhirpean Comann Gàidhealach Lunnainn a thogadh iad an uair sin.


  • Cuimhneachan air na Seumasaich

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player

Listen to the Act of Proscription.