English
An-diugh, thèid aig arc-eòlaichean, le uidheam-dàibhidh orra, làraich fo uisge a rannsachadh. Chaidh iomadh crannag ann an Alba a sgrùdadh, nam measg dà chrannaig ann am Milton Loch ann an Siorrachd Chille Chuithbeirt. Chuir deiteadh rèidio-carbon iad seo gu mu 500 RC. Chaidh crann fiodha a lorg air an làraich seo agus, mar sin, bidh e coltach gur e dachaighean thuathanaich a bha an seo.
Rannsaich arc-eòlaichean fon uisge ann an iomadh àite air feadh an t-saoghail mar long-bhrisidhean spùinneadairean, plèanaichean bhon Dara Cogadh a chuireadh fodha, an Titanic agus am baile fo thuinn aig Cleopatra aig Alexandria.
Ag innse mar a chaidh arc-eòlas fo-uisge, na duilgheadasan a bha ann agus ceist mu bhith ag ath-nuadhachadh rudan glè bhrisge a chaidh a lorg, bho làrach-lìn ‘BBC History’.
Prògram sònraichte ‘Time Team’ mu chladhach fo-uisge air Crannag Oakbank an Loch Tatha ann an 2003.
Gheibhear fiosrachadh mu nithean dèante a lorgadh ann an Loch Tatha le arc-eòlaichean fo-uisge san earrann seo de làrach-lìn Ionad Albannach nan Crannag. (Ann am Beurla).
Find us on