Scotlands History

Tuaim nan Iolairean

Tha an tuaim sheòmarach seo bho Nuadh Linn na Cloiche air mullach bearraidh aig Isbister, Ronaldsay a Deas ann an Arcaibh.

Tha an tuaim bho c 3000 RC agus tha an dust aig timcheall air 's dòcha 300 duine innte a chaidh a thiodhlacadh thar 800 bliadhna. A bharrachd air dust dhaoine, chaidh spuirean agus cnàmhan bho mu 14 de dh’iolairean sùil na grèine a lorg. Buinidh na h-eòin do c 2450 – 2000 RC. Ged a bha i uaireigin bitheanta ann an Arcaibh, chaidh iolaire sùil na grèine à bith ann am Breatainn ann an 1918. O chionn beagan bhliadhnaichean chaidh beagan dhe na h-eòin iongantach seo a thoirt air ais a Bhreatainn. Bidh iad ag ithe iasg, eòin uisge agus bheathaichean marbha.

Chaidh Uaigh nan Iolairean a lorg le turchairt ann an 1958 le tuathanach san sgìre, air an robh Ronnie Simison.

  • dealbh dhen taobh a-staigh de Tuaim nan Iolairean

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.