English
'S e tuineachadh bho anmoch ann an Nuadh Linn na Cloiche a tha ann an Skara Brae agus bha daoine a' fuireach ann eadar 3200 agus 2200 RC.
Mhair ochd taighean ro-eachdraidheil a tha ceangailte ri chèile le trannsaichean ìosal le mullach orra. Thàinig am baile am follais rè droch stoirm sa gheamhradh 1850. Chaidh am baile bho Nuadh Linn na Cloiche gu lèir a lorg air sgàth cladhach arc-eòlais.
Tha suidheachain, leapannan agus dreasairean cloiche ann an seachd dhe na taighean. Tha an ochdamh togalach air a roinn na earrannan beaga. Dh’fhaodadh gur e àite-obrach a bha seo oir chaidh pìosan de chnàmhan agus de chròicean fèidh a lorg ann.
Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.
Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.
Listen to scallop shells and a bone flute, sounds you might hear in a Neolithic shore-side settlement like Skara Brae.
Làrach-lìn BBC le gnìomhan ionnsachaidh a cheadaicheas do chlann bun-sgoile saoghal Skara Brae a bh’ ann ’s a th’ ann a rannsachadh, agus faighinn a-mach mar a chleachdar arc-eòlas airson lorg cò ris a bha beatha coltach bho chionn 5000 bliadhna. (Ann an Gàidhlig).
Fiosrachadh air làrach-lìn Alba Aosmhor mu bhaile ro-eachdraidheil Skara Brae an Arcaibh, aig a bheil ainm mar am baile Neolithic as fheàrr-ghlèidhte an ceann a tuath na Roinn Eòrpa. (Ann am Beurla).
Stèidhichte airson seirbheis arc-eòlach a dhèiligeas ris a’ mhòran de làraich chudromach an Arcaibh, tha cunntasan is dealbhan de chladhaichean arc-eòlach agus lorgan ionadail air an làrach-lìn. (Ann am Beurla).
Film mu Skara Brae a bheir cothrom air sealladh cuairt 360˚ timcheall air an làraich. Faodar a dhol tron làraich le putan na luchaig a chumail sìos agus am pointear a ghluasad gu clì no gu deas. (Ann am Beurla).
Fiosrachadh mu làrach-lìn ‘Scotland’s History’ a’ BhBC mu bhaile Nuadh linn na Cloiche, Skara Brae an Arcaibh. (Ann am Beurla).
Find us on