Scotlands History

Cearcall Bhrodgar

Tha an cearcall ainmeil chlachan seo bho Nuadh Linn na Cloiche air talamh-àitich eadar dà loch mhòr de dh’fhìor-uisge ann an Arcaibh, faisg air Skara Brae agus Maes Howe.

Chaidh a thogail eadar 2500 agus 2000 RC. 'S dòcha gun deach a chleachdadh airson deas-ghnàthan no airson a bhith a’ beachdachadh air na reultan aig àm co-fhad nan tràth agus àm nan grian-stad. Tha mu 104 meatair de thrast-thomhas sa chearcall thursachan.

Bithear tric a' dèanamh coimeas eadar Cearcall Bhrodgar agus an cearcall as motha ann an Calanais (2000-1500 RC) ann an Leòdhas no ri Cearcall Avebury no Stonehenge ann a' Wiltshire.

  • dealbh de thursaichean Cearcall Bhrodgar

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.