English
'S e ìomhaigh chloiche, a tha 5000 bliadhna a dh’aois agus a lorg arc-eòlaichean nuair a bha iad a' cladhach aig Links of Noltland ann an 2009, a tha ann an ‘Orkney Venus’ no a' ‘Westray Wife’. Seo an eisimpleir as tràithe de chruth duine a chaidh a lorg ann an Alba.
Thathar dhen bheachd gum buin an tuineachadh ro-eachdraidheil, Links of Noltland, ann a' Westray do Linn an Umha agus gu bheil e pailt cho cudromach ri Skara Brae.
B' e an t-arc-eòlaiche, Jakob Kainz, a lorg an cruth beag de chloich-ghainmhich sa bheil dìreach 3.5cm x 3cm.
Richard Strachan, manaidsear phròiseactan agus àrd arc-eòlaiche, sgioba ghoireasan culturail Alba Eachdraidheil.Bha coltas air gun deach a’ chlach a shnaidheadh. Nuair a thòisich am poll a' tuiteam dhith, chunnaic mi sùil agus an uair sin, tèile agus sròn agus mu dheireadh bha aodann slàn romham. B' e mòmaid shònraichte a bha ann mar gum bu chòir dhomh ‘eureka’ èigheachd.
Chan fhaca duine san sgioba arc-eòlais càil mar seo riamh roimhe agus bha sinn uile air ar togail gu mòr. Bha a h-uile duine toilichte gun robh iad ann nuair a chaidh ìomhaigh bho Nuadh Linn na Cloiche a lorg.
Find us on