Scotlands History

Tuathanaich bho Nuadh Linn na Cloiche

Mhair an linn ro-eachdraidheil seo bho c 4000-2000 RC. Ann an Nuadh Linn na Cloiche bha sealgairean-tionail beò ann an àitean-còmhnaidh a bha aig a' chiad thuathanaich.

Mus deigheadh aca air bàrr a chur, dh’fheumadh na tuathanaich an toiseach a' choille a leagail air pàirt dhen talamh. Thòisich iad a' cur gràn agus a' briodachadh chrodh agus chaoraich air an talamh a ghlan iad. Bhiodh iad cuideachd a' sealg agus ag iasgach.

An dèidh sin, nuair nach robh an còrr de chraobhan mòra air fhàgail airson togail leotha, thòisich iad a' dèanamh thogalaichean cloiche sìmplidh. Thàinig beathaichean eile mar eich, mucan agus gobhair a-steach bho thìr-mòr na Roinn Eòrpa.

  • Boireannach bho nuadh Linn na cloiche

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.