English
Anns an loidhne-tìm ro-eachdraidheil, canar Linn Thràth na Cloiche no Palaeo-liotaig – o chionn còrr is 10,000 bliadhna – ris an linn as tràithe san robh daoine a' fuireach ann an Alba. Tha Meadhan Linn na Cloiche no Meso-liotaig, bho 10,000 gu 5000 bliadhna, a' dol air ais gu deireadh na Linne Deighe mu dheireadh.
Aig an àm sin bha an teòthachd ag èirigh caran coltach ris an latha an-diugh. Bha ìre na mara ag èirigh seach gun robh eigh-shruthan a’ leaghadh.
Rè Meadhan Linn na Cloiche, gheàrr a' mhuir Èirinn far Bhreatainn agus far a' chòrr dhen Roinn Eòrpa. Bha coilltean a' còmhdach mòran dhen dùthaich. B' e sealgairean-tionail a bha sna daoine ach bha iad cuideachd air tòiseachadh a’ callachadh bheathaichean a leithid crodh agus caoraich.
Bhiodh sealgairean-tionail a' sealg bheathaichean fiadhaich agus ag iasgach airson tòrr dhen bhiadh aca. Bhiodh iad cuideachd a’ cruinneachadh mheasan, chnothan, lusan, fhreumhaichean agus shligean airson am biadh atharrachadh beagan.
Bidh luchd-eachdraidh a’ cleachdadh ‘c’ no ‘circa’ mura bheil deit chinnteach aca. 'S e facal Laideann a tha ann an ‘circa’ agus tha e a' ciallachadh ‘mu’ no ‘timcheall air’. Mar sin tha ‘c 5000’ a' ciallachadh mu 5000. Chì thu gu bheil ‘c’ a’ nochdadh tric ann an ro-eachdraidh agus ann an arc-eòlas.
Rannsaich Alba sna Linntean Mesolithic, Neolithic, Umha, Iarainn agus Ròmanach. Sa phàirc bheòthail eachdraidh dhuais-chosnail ‘Archaeolink’ an Siorrachd Obar Dheathain tha ath-thogail air campachadh Shealgair-Tionailear agus taigh cruinn bho Linn na Cloiche
Find us on