Scotlands History

Maes Howe

Chaidh Maes Howe a thogail mus do thogadh pioramaidean mòra na h-Èipheit. Tha e na fhìor dheagh eisimpleir de dh’uaigh seòmarach no carragh tiodhlacaidh. Tha e faisg air Stromness ann an Arcaibh. Chaidh iomradh a thoirt air mar ‘eisimpleir cho math ’s a tha ann dhen ailtireachd iongantach a bha aig an t-sluagh ro-eachdraidheil ann an Alba’.

Thogadh Maes Howe mu 2800 RC agus bha e aig cridhe Arcaibh ann an Nuadh Linn na Cloiche. Chan eil e fada bho Skara Brae agus Cearcall Bhrodgar.

Chaidh na seòmraichean agus an trannsa a tha a' dol a-steach a Mhaes Howe a thogail le leacan cloiche mòra, mòra. Chaidh an cnapadh agus an cur nan àite gu cùramach. Tha an trannsa fhada air a suidheachadh na leithid de dhòigh agus gu bheil a' ghrian a' deàrrsadh troimhpe gu dìreach aig àm grian-stad a' gheamhraidh agus a' lasadh a' phrìomh sheòmair.

Tha Maes Howe cuideachd ainmeil airson graffiti. San 12mh linn, gheàrr ruagaire Lochlannach rannan ann am ballachan cloiche a' charraigh. (Bha na h-uaighean 4000 bliadhna a dh’aois ann an 1200 AD.) Tha aon ghràbhaladh ag ràdh ‘Bha Helgi an seo’. Tha fear eile ag innse gun do bhris taistealaich, a bha air an slighe eadar Nirribhidh agus Ierusalem, a-steach dhan uaigh.

  • dealbh den phrìomh charragh thiodhlacaidh aig Maes Howe

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
Neolithic ritual - bullroarers

Listen to bullroarers, an ancient ritual musical instrument possibly used in Neolithic times.