Scotlands History

Làrach meadhan linn na coiche aig Ceann Locha ann an Eilean Ruma

Thug cladhach arc-eòlais aig Ceann Locha air Eilean Ruma dhuinn an fhianais as tràithe mu thuineachadh dhaoine ann an Alba.

O chionn mìltean de bhliadhnaichean bha daoine a' siubhal à Eilean Ruma air taobh siar Alba airson clach-fala a chruinneachadh gus innealan a dhèanamh. Chaidh nithean àrsaidh air an dèanamh de chloich-fala à Ruma a lorg aig làraich ann an Eige, Canaigh agus san Eilean Sgitheanach agus air làraich eile còrr is 70km on eilean.

Sheall fianais deiteadh rèidio-carbon ann an Ceann Locha gu bheil daoine air a bhith an sin bho co-dhiù c6600 RC. Chaidh cnothan calltainn loisgte agus na mìltean thar mhìltean de bhleideagan cloiche bho dhèanamh innealan a lorg aig an làrach. Dh’fhaodadh gu bheil fianais air tuill-bacain a' sealltainn fasgadh on ghaoith, pàirtean de bhothain de sheiche is de bhacain no àitean-fasgaidh far am biodh daoine ann am Meadhan Linn na Cloiche a’ fuireach nuair a bha iad a’ tadhal san eilean.

  • dealbh a sealtainn duine a cladhach ann Ceann Locha, Eilean Ruma

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.