English
Tha na làraich bho Nuadh Linn na Cloiche agus bho Linn an Umha ann an Gleann Chille Mhàrtain, faisg air Cinn Tìre ann an Earra-Ghàidheal air feadhainn dhe na làraich ro-eachdraidheil as sònraichte ann an Alba.
Ann an Gleann Chille Mhàrtainn tha tursachan, cistean agus cùirn tiodhlacaidh, cearcall agus clachan le snaidheadh chupain is chearcaill. Tha còrr is 350 carragh àraidh taobh a-staigh rèidius 10 km de bhaile Chille Mhàrtainn.
Tha còig cùirn-tiodhlacaidh a' dèanamh loidhne dhìreach thar trì mile dhen tìr. Is iad sin Glebe Cairn, Nether Largie North Cairn, Nether Largie Mid Cairn, Nether Largie South Cairn, agus Ri Cruin Cairn. Lorg cladhach arc-eòlais dhe na cùirn tiodhlacaidhean ciste, obair chrèadha bho Nuadh Linn na Cloiche, cinn shaigheadan agus bann-amhaich seit.
Tha na tursachan aig Nether Largie agus Temple Wood air tursachan cho iongantach 's a tha ann an Alba.
Tha na tha air fhàgail de thuineachadh cudromach Dhal Riata aig Dùn Athad, deas air Cille Mhàrtainn.
Choisinn Taigh-tasgaidh Chille Mhàrtainn duais airson mìneachadh arc-eòlais agus cruth-tìre agus tha e ann am meadhan Gleann Chille Mhàrtainn.
Dealbh de ciste adhlacaidh bho àm Linn na h-Umha a tha lìnichte ann an cloich, glèidhte an taobh a-staigh Càrn a Tuath na Leargaidh Ìochdarach, Gleann Chille Mhàrtainn, dìreach tuath air Ceann Loch Gilb ann an Earra-Ghàidheal.
Seall ri sgrùd leusair de shoitheach bìocair a fhuaireadh aig an Leargach Uarach, Cill Mhàrtainn.
Mion-chunntas air a liuthad carragh a lorgadh mun cuairt air Cill Mhàrtain agus na stòrasan a gheibhear an Taigh-tasgaidh Taigh Chille Mhàrtainn.
Coisich mun cuairt Gleann Chille Mhàrtainn an Earra Ghàidheal le Niall Oileabhair is aoighean, agus rannsaich na tursachan is na seann charraighean sa chuairt chlàistinn seo leis an Oilthigh Fhosgailte.
Sreath de ìomhaighean bho Ghleann Chille Mhàrtainn air làrach-lìn BBC Rèidio Alba.
Find us on