English
Buinidh na h-innealan ro-eachdraidheil as tràithe ann an Alba a th' againn fhathast do 3000 RC. Aig an àm sin bha daoine ag ionnsachadh mar a dhèanadh iad innealan airson gearradh, sgrìobadh agus sadail. Chaidh mòran chlachan cruaidhe a bha san sgìre a chleachdadh – a leithid ailbhinn, whinstone agus chert.
Tha cnapadh anns an t-seadh seo a' ciallachadh a bhith a' sgoltadh, a' sgealbadh no a' cumadh chlachan gus inneal a dhèanamh.
Tha Cnapadal ann an Earra-Ghàidheal agus Knap of Howar ann an Arcaibh, tuineachadh le deit eadar 3500 agus 3100 RC, nan ainmean a tha a' sealltainn gun robh deagh chlach chruaidh ri faotainn san sgìre agus gun robh i freagarrach airson cnapadh.
Ceangal ri gailearaidh ìomhaighean Arc-eòlas Wessex ann am Flickr – Sreath ailbhinn.
Find us on