English
'S e seòrsa de dh’ealain ro-eachdraidheil a tha ann an cupa agus cearcall agus gheibhear e air feadh an t-saoghail eadar Na h-Innseachan agus Brasil.
Tha na h-eisimpleirean as fheàrr ann an Alba aig Baile na Creige (Gleann Chille Mhàrtainn, Earra-Ghàidheal), anns a' Mhanachainn (faisg air Inbhir Nis) agus aig Dalgarven Mill (faisg air Cill Dingeain).
Bha comharran cupa agus cearcaill air an snaidheadh air leacan cloiche às an sgìre. 'S e sgeadachadh gu math sìmplidh a tha ann an cuid dhiubh ach tha cuid eile gu math sgileil agus mionaideach. Glè thric, 's e cearcaill cho-mheadhanach a tha annta – coltach ri fraochain (can nuair a shadas tu clach ann an loch) air uisge. Tha eisimpleirean ann cuideachd de ‘ealain- creige ghluasadach’. Sin clachan mòra a ghabhas an gluasad agus air an deach comharran cupa agus cearcaill a shnaidheadh.
Duilleag bho Alba Aosmhor mu cuach Bhaluachraig agus mu chomharran cearcaill an Gleann Chille Mhàrtainn. (Ann am Beurla).
Find us on