Scotlands History

Crannagan

B' e àite-còmhnaidh ro-eachdraidheil ri taobh loch a bha ann an crannaig agus bha a' chuid a bu mhotha dhi air a togail à fiodh. Bha iad air an togail ann an camasan beaga far a' chladaich, agus mòran dhiubh ann an lochan a-staigh air an dùthaich, (gu h-àraidh ann an Loch Tatha, Loch Odha agus Loch Nis) agus ann am bàigh ris a' chladach.

Glè thric, bhiodh cabhsair fon uisge a' ceangal na crannaig ri tìr-mòr. Buinidh cuid dhe na crannagan dhan linn ro 500 RC agus bha cuid dhiubh gan cleachdadh chun na 17mh linne.

Tha cuid dhe na làraich a-nis fo uisge agus feumaidh dàibhearan an rannsachadh. Tha an ath-thogail as fheàrr de chrannaig faisg air a' Cheann Mhòr ann an Siorrachd Pheairt, air bruach a deas Loch Tatha.

Gheibhear crannagan air feadh Alba (agus Èirinn) ach tha barrachd dhiubh air taobh an iar na dùthcha. Tha coltas gu math nàdarra air cuid dhe na làraich ach tha coltas air cuid eile gun deach an togail, no an leasachdadh, le daoine.  Bha a' chuid bu mhotha dhe na thogalaichean, cuid le aon ùrlar agus cuid le barrachd, air an dèanamh de dh’fhiodh air cabhsairean stèidhte air puist a chumadh iad os cionn ìre an uisge.

  • dealbh de ath-thogail de chrannag air Loch Tay

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.