English
Chan fheum arc-eòlaichean pìosan umha a lorg ann an tuineachadh airson a ràdh gum buin e do Linn anUmha. Bidh deiteadh rèidio-carbon ag aithneachadh fheartan eile de Linn an Umha ann an Alba.
Ann an Cladh Hallan air machair Uibhist a Deas, faisg air Dalabrog, tha fianais air tuineachadh bho c 1000 RC. Tha àitean-còmhnaidh ann, òtraichean agus cladhan, a bharrachd air seudradh, obair chrèadha agus innealan.
Tha poit chòcaireachd inntinneach ann cuideachd sa bheil comharran de phròtain bainne. Mar sin bidh e coltach gun robh ar sinnsearan a’ cur bainne air an lite nas tràithe na bha sinn an dùil.
Ann an aon taigh, tha dithis dhaoine air an tiodhlacadh agus tha beachd ann gun deach mumaidhean a dhèanamh dhiubh: tha beachd ann gur e seo a’ chiad fhianais gun robh cuid de mhuinntir ro-eachdraidheil na Roinn Eòrpa a' dèanamh mhumaidhean dhe na mairbh, cleas nan Èipheiteach o Shean.
Duilleagan roinn Arc-eòlais Oilthigh Sheffield mu bhaile ro-eachdraidheil Cladh Hallain. (Ann am Beurla).
Sgeulachd Naidheachd bhon BhBC mu fhianais gun robhar a’ cleachdadh bainne na bà ann am baile Linn an Umha Cladh Hallain.
Find us on