Scotlands History

Calanais

'S e làrach mòr de dh'arc-eòlas bho Linn an Umha a tha ann an Calanais air taobh an iar Leòdhais ann an Innse Gall. Am meadhan an làraich, tha cearcall iongantach de 13 tursachan mòra timcheall air aon tursa àrd (4.75m) sa mheadhan.

A' sìneadh a-mach às a' chearcall seo chun an ear, chun an iar agus gu deas, tha loidhnichean chlachan ann an cruth croise, le loidhne dhùbailte de chlachan gu tuath. 'S e leacan mòra de gneiss Leòdhais às an sgìre fhèin a tha anns na clachan agus tha iad air an suidheachadh ann am mòintich.

Tha am meatair gu leth as ìsle dhe na clachan gu math nas soilleire na a' chuid as àirde seach gun robh iad shìos anns a' mhòine gu 1857.

Thathar dhen bheachd gun deach an làrach a dhealbh agus a chleachdadh airson deas-ghnàthan co-cheangailte ri gluasad nan reultan, na gealaich agus na grèine: mar nàdar de bheachdlann reul-eòlais agus mar àite cruinneachaidh.

Tha an làrach a' dol air ais gu àm ro 2000 RC – mun aon àm ri Cearcall Bhrodgar ann an Arcaibh.

  • dealbh de thursachan Chalanais ann an Leòdhas

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.