Scotlands History

Linn an Umha

Bidh sinn a' cleachdadh Linn an Umha airson innse mu leasachadh teicneòlais an duine. Thar ùine, bha daoine ag ionnsachadh mu mheatailtean, mar a leaghadh iad iad agus mar a mheasgaicheadh iad iad agus an uair sin, mar a chuireadh iad cumadh orra. Mean air mhean, bho c 2000 RC, thòisich daoine a' dèanamh innealan agus bhuill-airm le umha an àite cloich.

'S e measgachadh de chopar agus de staoin a tha ann an umha agus bu toigh le daoine e oir bha e furasta a chumadh. Bha e na b' fhasa a chleachdadh na clach airson innealan a dhèanamh agus bha e na b' èifeachaiche agus na bu mhionaidiche.

Bidh sinn a' smaoineachadh air Linn an Umha ann am Breatainn mar an ùine eadar c 2100 agus 750 RC. Tha a' chuid mu dheireadh a' dol a-steach do Nuadh Linn na Cloiche.

  • dealbh de fireannach ag obair

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.