English
Eadar mu 100 RC agus AD 100, bha sinnsearan na Cruithneach a' togail nan tùran mòra, cruinne cloiche ann an ceann a tuath Alba.
Chan eil an dealbhadh aca ann an àite eile seach Alba agus, mar bu trice, bha iad air an togail mun chladach: Dùn Chàrlabhaigh (Leòdhas), Gurness agus Midhowe (Arcaibh) agus Mousa (Sealtainn – an dùn no am ‘broch’ as fheàrr a tha air a ghleidheadh); tha cuid a-staigh san tìr air (Gleann Eilg).
Bha eadar 12 no 13 meatairean a dh'àirde ann an dùn. Cha robh uinneagan annta idir agus bha na leacan cloiche air an cur ri chèile gu sgileil gun aol-tàthaidh. Bha aon shlighe bheag a' dol a-steach annta aig bonn an tùir.
'S e Dùn Chàrlabhaigh air eilean Leòdhais fear de na dùin as fheàrr a tha air fhàgail. Tha e air cnoc a' coimhead thar Loch Ròdhaig is tobhtaichean thaighean dubha is dòcha a chaidh a thogail le cloich on dùn. Tha tuilleadh air làrach-lìn Am Baile.
Artaigeal mu na dùin ann an Innse Gall air làrach-lìn ‘Archaeology Hebrides’.
Artaigeal mun dùn as glèidhte ’s as tric air a bheilear a’ tadhal an Innse Gall, aig Dùn Chàrlabhaigh an Leòdhas, bho làrach-lìn ‘Archaeology Hebrides’. (Ann am Beurla).
Artaigeal goirid agus ìomhaigh de Dhùn Chàrlabhaigh, an dùn as ainmeile sna h-Eileanan Siar, air ‘Western Isles Sites’.
Trusadh de ìomhaighean bho làrach-lìn Taighean-tasgaidh Nàiseanta Alba de nithean a chaidh a lorg ann an Dùn Burrian air Ronaldsay a Tuath, Arcaibh.
Find us on