Scotlands History

Ban-dia Bhaile Chaolais

'S i Ban-dia Bhaile Chaolais an t-ainm a tha air snaidheadh mòr fiodha a chaidh a lorg ann an còinneach na mònach air taobh tuath Loch Lìobhann ann an 1880.

Tha i a-nis ann an Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba agus tha i a' toirt sealladh dhuinn air creideamhan agus ealain ann an Linn an Iarainn. 'S e cruth àrd, caol de dh’fhiodh feàrna dorcha a tha seo. Tha dà shùil de chuartsait gheal anns an fhiodh.

Canaidh cuid gu bheil a' bheinn a tha faisg air, Beinn a' Bheithir, air a h-ainmeachadh air Cailleach Bheithir – seann bhan-dia nan gaothan agus nan stoirmean. Saoil an e Ban-dia Bhaile Chaolais samhla tràth dhi?

  • dealbh den Bhan-dia Bhaile Chaolais

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.