English
Ann an 1995, lorg arc-eòlaichean fianais air obair-chnothan mhòr. A rèir deiteadh rèidio-carbon, bha sin o chionn c 9000 bliadhna ann an Colbhasa sna h-Eileanan a-staigh. Chaidh na ceudan mhìltean de shligean chnothan calltainn air an losgadh a lorg ann an sloc eu-domhainn no òtrach (dùn sgudail) aig Staosnaig air taobh an ear an eilein bhig seo.
Chan eil meud agus suidheachadh na h-obrach idir àbhaisteach. Mar sin tha coltas gun robh muinntir an eilein a' malairt chnothan calltainn ri sgìrean eile sna h-eileanan no air tìr-mòr.
Ged nach eil a' mheudachd cho mòr ri Staosnaig, tha òtraich eile a tha coltach ris aig Ceann Locha ann an Ruma. Tha nithean àrsaidh cloiche an seo cuideachd a leithid chlachan biorach a ghearras agus cinn shaigheadan ris an canar microliths no innealan beaga cloiche. Tha iad sin air an dèanamh de chloich-fala, clach uabhasach chruaidh a bhuineas dhan sgìre. Chaidh òtrach shligean cuideachd a lorg ann an Ruma aig Pàpadal.
'S dòcha gun canadh tu nach eil òtraich uabhasach inntinneach no tarraingeach ach bidh arc-eòlaichean ag ionnsachadh tòrr mu bheatha dhaoine ro-eachdraidheil le bhith a' sgrùdadh nan nithean a shad iad dhan òtraich.
Faigh a-mach mar a dh’atharraich comharrachadh Rèidio-carbon ar comas air meas a dhèanamh air aois stuthan fàs-bheairteach mar chnàmh, fiodh, leathar no gual-fiodha.
Tha sinn mar a dh’itheas sinn! Ionnsaich mar a tha ìosotopan a’ cuideachadh arc-eòlaichean gu bhith a’ tuigsinn dè bha daoine ag ithe agus càite an robh iad ag ithe agus carson a tha seo cudromach.
Eachdraidh ghoirid Cholbhasaigh is Orasaigh bho linntean ro-eachdraidh, a’ sònrachadh air fianais eachdraidheil a fhuaireadh air Colbhasaigh, anns a bheil pleitean, planaichean agus dealbhan aon-dhathach. (Ann am Beurla).
Find us on