Scotlands History

Na Votadini agus Traprain Law (Beinn Traprain)

B' iad na Votadini treubh de Bhreatannaich a bha a' malairt ri na Ròmanaich. Bha baile mòr aca mun cuairt air Beinn Traprain, ann an Lodainn an Ear, agus fearann a' sgaoileadh thar nam beanntan Lodainneach gu lèir.

'S e Beinn Traprain, air an robh uaireigin Dumpender Law (no Dùn Peandair), beinn mhòr bholcànach, a tha ag èirigh gu h-àrd os cionn talamh-àiteachaidh ìseal Lodainn an Ear. Chaidh rudan o Linn an Umha a lorg air a' bheinn agus tha comharraidhean cupa is fàinne Nuadh-chreagach air na leacan an sin. 'S ann a bha ceudan de thaighean-cruinn sa bhaile air Traprain; dachaighean do theaghlaichean, nam measg luchd-ealain Linn an Iarainn a bha sgileil le meatailt agus cruan.

Nuair rinneadh cladhach àrsaidh san àite ann an 1919, lorgadh airgead Ròmanach: siugannan fìona, stòpan, buinn agus bucaill airm - tòrr dheth air a ghearradh na phìosan, mar gum biodh e deiseil airson leaghadh. Chìte bho na buinn o Ghaul gur dòcha gu robh ceangalaichean malairt aig na Votadini ris an Roinn Eòrpa. Chan eil fios an robh an t-ionmhas air a ghoid, no an e pàigheadh no duais brìb a bh' ann bho na Ròmanaich.

Tha Ionmhas Traprain agus stuthan eile a lorgadh air Traprain, air an taisbeanadh aig Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann.

B' e sliochd nam Votadini muinntir Ghododdoin, agus b’ ann an Dùn Èideann fhèin, 'Din Eidyin', a bha an daingneach acasan.


  • dealbh de flasg aigid a chaidh a lorg aig Traprain Law, Lodainn an Ear

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.