Scotlands History

Litrichean Vindolanda

Chaidh Litrichean Vindolanda a sgrìobhadh ann an ince air pìosan beaga fiodha meud chairtean-postachd; cha robh sgeul air pàipear no papyrus san sgìre. Chaidh na sgrìobhaidhean a b' fhaide a cheangal còmhla le bhith a' putadh toll troimhpa san oisean. 'S ann bho chraobhan òga na sgìre - beithe, feàrna no darach - a thigeadh na clàir sgrìobhaidh.

B' e daingneach Vindolanda fear de na ciad ghearastain Ròmanach, eadhon na b' aosta na Balla Hadrian. 'S ann on àm sin (97–103 RC) a tha a' chuid as motha de na litrichean no na clàir sgrìobhte.

Chì sinn dealbh de bheatha na coimhearsnachd sna litrichean. Faodaidh sinn coimhead ri co-sgrìobhadh oifigeil a tha a' sealltainn cho èifeachdach 's a bha an t-arm, dleastanasan obrach, biadh nan saighdearan agus na bhiodh iad a' dèanamh nuair nach robh iad ag obair.

Tha fios a' tighinn a-steach (clàr 346) cuideachd inntinneach: 'Tha mi air... pàidhrichean stocainnean à Sattua, dà phaidhir chuaranan agus dà phaidhir fho-bhriogaisean a chur thugad'. Tha e coltach gu robh na saighdearan a' faireachdainn an fhuachd air crìochan an iar-thuath na h-Ìompaireachd Ròmanaich.

Ann an tè de na litrichean (clàr 291) tha Claudia Severia a' toirt cuireadh do Sulpicia Lepidina chun a' phàrtaidh co-là breith aice:

Claudia Severa to her Lepidina greetings. On 11 September, sister, for the day of the celebration of my birthday, I give you a warm invitation to make sure that you come to us, to make the day more enjoyable for me by your arrival… I shall expect you, sister. Farewell, sister, my dearest soul, as I hope to prosper, and hail.


  • dealbh de litir Vindolanda

Brùth air an ìomhaigh airson dealbh nas motha fhaicinn.


Download Adobe Flash Player to listen to the audio online.

Download the latest flash player
Title
Roman lyrical dance - lyre and panpipes

Èist ri dannsa liriceach Ròmanach, air a chluich air fairil agus pìoban-pan.